01 – FIR-TÀILEISG LEÒDHAIS

Podcast Audio File (MP3)


‘S i an sgeul a tha glèidhte ann am beul-aithris na sgìre an aon chunntas a tha maireann mu mar a thàinig na fir-tàileisg gu bhith ann an Leòdhas. Tha i suidhichte timcheall aon de na lochan-mara domhainn ann an ceann a deas Ùige agus i ag innse mar a fhuair balach-buachaille air balach òg, a thàinig air tìr bho bàta-seòlaidh a bh’ air acair san loch, a cho-èigneachadh gus an toirt dha. Dh’adhlaic am balach-buachaille a thasgaidh de fhir-tàileisg an uairsin ann an dùintean gainmhich ri taobh Bàgh Ùige.