05. FIOSAICHE BHRATHAINN

Podcast Audio File (MP3)


Tha an uirsgeul mun chloich lèirsinnich a fhuair an Gàidheal, rin canar the Brahan Seer sa Bheurla, air a suidheachadh san t-seann chladh ann am Baile na Cille. ‘S e Cnoc Eodhail an cnoc a tha os cionn an àit’ adhlaic agus b’ ann an seo a bha Coinneach Odhar na shuidhe còmhla ri a mhàthair nuair a choinnich iad ris an taibhs a thug a’ chlach dhaibh. Tha Coinneach cuideachd air a cheangal ris an fhiosaiche a bha a’ fuireach ann am Brathann agus a chaidh a chur gu bàs le na Sìophartaich.